Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh deatach suas o a shròin, agus loisg teine as a bheul: lasadh èibhlean leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Leis an dealradh a bha fa chomhair lasadh èibhlean teine.

Agus leigeadh ris aigeann na fairge, nochdadh bunaitean an domhain, le achmhasan an Tighearna, le sèideadh anail a shròine.

Le sèideadh Dhè sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as dhaibh.

Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge.

Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian-loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis.

Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.

Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.

Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Agus bheir mi orra siubhal air falbh led naimhdean gu fearann air nach robh thu eòlach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, agus lasaidh e nur n‑aghaidh.

Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad.

Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan.

Oir tha teine air fhadadh am fheirg, agus loisgidh e gu ifrinn ìochdaraich, agus cuiridh e as don talamh le a thoradh, agus cuiridh e ri theine bunaitean nam beann.

Oir tha ar Dia-ne na theine dian-loisgeach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan