Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chrathadh agus chriothnaich an talamh: ghluaiseadh bunaitean nan nèamh agus chrathadh iad, a chionn gu robh fearg air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad.

Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.

An sin chrathadh agus chriothnaich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu robh corraich air.

Chriothnaich an talamh, shil mar an ceudna na nèamhan; leagh na beanntan o làthair Dhè, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.

Bha guth do thàirneanaich anns an speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh.

Anns an fhairge bha do shlighe, agus do cheuman anns na h‑uisgeachan mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chas.

Shoillsich a dhealanaich an cruinne-cè; chunnaic agus chriothnaich an talamh.

Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.

Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:

Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan