Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’iadh cùird ifrinn mum thimcheall: ghabh lìontan a’ bhàis romham.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlean ma ghlacar iad ann an cùird àmhghair;

Chuartaich doilgheasan a’ bhàis mi, agus ghlac piantan ifrinn mi; fhuair mi teinn agus bròn.

Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan-tuislidh romham. Selah.

Chuartaich piantan ifrinn mi; ghabh lìontan a’ bhàis romham.

Is tobar beatha lagh an duine ghlic, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.

Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.

Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e.

Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth.

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.

Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan