Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a bheir a‑mach mi om naimhdean: agus os an cionn-san a dh’èirich suas ann am aghaidh thog thu suas mi; o fhear an ainneirt shaor thu mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh.

Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi,

Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun-os‑cionn.

A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn-san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi.

Tromhadsa buailidh sinn air naimhdean; trìd d’ainme-sa saltraidh sinn orrasan a dh’èireas nar naghaidh.

Carson a nì thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dhè a‑ghnàth.

Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan