Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon-sa, agus a chuireas sìos an sluagh fodham,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.

Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh.

Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an rìgh, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr d’anam; agus thug an Tighearna dom thighearna, an rìgh, dìoghaltas air an là‑an‑diugh air Saul agus air a shliochd.

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear-saoraidh-sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham.

A Dhè an dìoghaltais, a Thighearna Dhè an dìoghaltais, dealraich a‑mach.

Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan.

Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.

Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh-sa ort.

Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil,

Agus nuair a chuala Daibhidh gun d’fhuair Nàbel bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nàbeil agus a chùm a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearna aingidheachd Nàbeil air a cheann fhèin. Agus chuir Daibhidh teachdairean uaithe, agus labhair e ri Abigail, a‑chum a gabhail dha fhèin na mnaoi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan