Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa; agus air àrdachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte.
Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.
Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:
Glaodhaidh e rium, Is tu m’athair, mo Dhia agus carraig mo shlàinte.
Mar an ceudna nì mi mo chiad-ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn.
Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.
Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear: