Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an daingnichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.

Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Agus ged fhalaich iad iad fhèin ann am mullach Charmeil, rannsaichidh mise, agus bheir mi a‑mach as a sin iad; agus ged bhiodh iad air am falach om shealladh ann an ìochdar na fairge, an sin bheir mi àithne don nathair, agus nì i an teumadh:

Imlichidh iad an duslach mar nathair; gluaisidh iad a‑mach as an tuill mar chnuimhean na talmhainn: bidh eagal orra ron Tighearna ar Dia-ne, agus bidh iad fo gheilt air do shon-sa.

Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.

Agus nochd iad le chèile iad fhèin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h‑Eabhraidhich a’ teachd a‑mach as na tuill anns an d’fhalaich iad iad fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan