Agus na labhradh mac a’ choigrich, a tha a’ dlùth-leantainn ris an Tighearna, ag ràdh, Sgar an Tighearna mise gu tur o a shluagh; agus na h‑abradh an caillteanach, Feuch, tha mise am chrann tioram.
Agus mic a’ choigrich a tha a’ dlùth-leantainn ris an Tighearna, gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhith nan òglaich dha; gach aon a ghleidheas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a nì greim air mo choicheangal;
An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr.
Is sona thu, O Israeil; cò a tha cosmhail riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnaidh, agus neach as e claidheamh do mhòrachd? Agus gheibhear do naimhdean nam breugairean dhut, agus saltraidh tu air an àitean àrda.