Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shaor thu mi o chòmhstri mo shluaigh; ghlèidh thu mi gu bhith ann am cheann air na cinnich: nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aom e cridheachan fir Iùdah uile, mar chridhe aon duine; air chor is gun do chuir iad am fios seo a dh’ionnsaigh an rìgh, Till fhèin, agus do sheirbhisich uile.

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

An sin chaidh a’ bhean a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile na gliocas: agus gheàrr iad ceann Shèba mhic Bhichri dheth, agus thilg iad a‑mach e a dh’ionnsaigh Ioaib: agus shèid e trompaid, agus chaidh iad air falbh on bhaile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus thill Ioab do Ierusalem a dh’ionnsaigh an rìgh.

A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Bheir e breith am measg nan cinneach; lìonaidh gach àite le cuirp mharbha; lotaidh e an t‑uachdaran os cionn iomadh tìr.

Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.

Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann-iùil agus na uachdaran do na slòigh.

Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu.

Oir an cinneach agus an rìoghachd nach dèan seirbhis dhut, bidh iad caillte; seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur.

Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia.

Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.

Mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an Hosèa, Goiridh mi mo phoball dhiubhsan nach robh nam poball dhomh; agus bean ghràdhach dhithse nach robh gràdhach.

Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan