Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sheall iad, agus cha robh fear-saoraidh ann; eadhon a dh’ionnsaigh an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air?

An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi;

Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.

Air an là sin amhaircidh duine air a Chruithear, agus seallaidh a shùilean air Tì naomh Israeil.

Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.

A mhic an duine, labhair ri seanairean Israeil, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh. An tàinig sibh a dh’fhiosrachadh dhìomsa? Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, cha bhi mi air m’fhiosrachadh leibh.

An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, ach chan èisd e riu: falaichidh e fòs a ghnùis uapa anns an àm sin, mar a ghiùlain iad iad fhèin gu h‑olc nan gnìomharan.

Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan