Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mo naimhdean thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

A Iùdah, molaidh do bhràithrean thusa; bidh do làmh ann am muineal do naimhdean: cromaidh clann d’athar iad fhèin sìos ad làthair.

Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Agus nuair a thug iad a‑mach na rìghrean sin gu Iosua, ghairm Iosua air fir Israeil uile, agus thubhairt e ri ceannardan nam fear-cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagas, cuiribh ur casan air muinealan nan rìgh sin. Agus thàinig iad am fagas, agus chuir iad an casan air am muinealan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan