Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.
Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an sprèidh, agus bhuail e iad le àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd-àiteachaidh Cheilah.