Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lot mi iad, agus chan èirich iad; agus thuit iad fom chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha: leag thu iadsan a dh’èirich suas am aghaidh sìos fodham.

Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo clachan mòra, clachan luachmhor, a shuidheachadh bunait an taighe, clachan snaidhte.

Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra, agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.

Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.

Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh.

Agus nuair a thug iad a‑mach na rìghrean sin gu Iosua, ghairm Iosua air fir Israeil uile, agus thubhairt e ri ceannardan nam fear-cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagas, cuiribh ur casan air muinealan nan rìgh sin. Agus thàinig iad am fagas, agus chuir iad an casan air am muinealan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan