Rinn thu mo cheum farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.
Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing: shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam.
Cha leig e led chois sleamhnachadh; cha tuit clò cadail air d’fhear-coimhead.
Cùm suas mo cheuman ann ad shlighean, a‑chum nach sleamhnaich mo chasan.
Rinn thu mo cheuman farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.
Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh.
Nuair a thubhairt mi, Tha mo chas air sleamhnachadh uam, chùm do thròcair, a Thighearna, suas mi.
Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu.
Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith.