Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus rinn do choibhneas mòr mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Cuiridh an Tighearna sibh ann an lìonmhorachd, sibh fhèin agus ur clann.

Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte; agus chùm do dheaslàmh suas mi, agus rinn do choibhneas mòr mi.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh.

Agus glacaibh clogad na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì as e facal Dhè:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan