Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Teichidh e ro na h‑arman iarainn; buailidh am bogha umha troimhe e.

Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag;

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

Agus buailidh mi do bhogha à do làimh chlì, agus bheir mi air do shaighdean tuiteam à do làimh dheis.

An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan