Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.
Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.
Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.