Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.

Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart:

Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach.

Ro‑ghlan tha d’fhacal-sa, agus is ionmhainn led òglach e.

Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean.

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.

Glac targaid agus sgiath, agus èirich a‑chum mo chuideachaidh.

A Dhè ar sgiath, faic agus amhairc air gnùis d’Aoin ungte;

Le a iteagan còmhdaichidh e thu, agus fo a sgiathan bidh d’earbsa; bidh a fhìrinn na sgèith agus na targaid dhut.

Tha uile fhacal Dhè fìorghlan: is sgiath e dhaibhsan a chuireas an dòigh ann.

Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe.

Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan