Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna: agus soillsichidh an Tighearna mo dhorchadas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.

Agus da mhac-san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin.

Nuair a thug e air a lòchran dealrachadh air mo cheann, agus le a sholas a ghluais mi anns an dorchadas;

Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna.

Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna; soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas.

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Dh’èirich solas don fhìrean, agus aoibhneas dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe.

Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.

Giùlainidh mi corraich an Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, agus an toir e breith air mo shon: bheir e a‑mach mi a‑chum an t‑solais; chì mi a fhìreantachd.

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan