Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir mo ghlaine ann an sealladh a shùl.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais: a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach.

Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.

Abraibh ris an ionracan gur math a dh’èireas dha; oir toradh an gnìomharan ithidh iad.

Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan