Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais: a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir mo ghlaine ann an sealladh a shùl.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, a’ dìteadh an aingidh, gu a shlighe a thabhairt air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a thabhairt dha a rèir a fhìreantachd.

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Os bàrr, tha do sheirbhiseach a’ faotainn rabhaidh uapa; nan coimhead tha mòr-dhuais.

Esan aig a bheil làmhan neochiontach agus cridhe glan, nach do thog a anam ri dìomhanas, agus nach do mhionnaich a‑chum ceilge.

Bheir an Tighearna breith air an t‑sluagh; thoir breith orm, a Thighearna, a rèir m’fhìreantachd, agus a rèir m’ionracais a tha annam.

Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan