Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Is e an Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus mo shlànaighear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

Is e Dia mo neart agus mo chumhachd; agus tha e a’ dèanamh mo shlighe iomlan.

Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè:

Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear-saoraidh-sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham.

Oir is tusa mo charraig, agus mo dhaingneach; agus air sgàth d’ainme treòraichidh agus stiùraidh tu mi.

Their mi ri Dia mo charraig, Carson a dhìochuimhnich thu mi? Carson a tha mi a’ triall gu dubhach airson fòirneart an eascaraid?

Bi‑sa ad charraig làidir dhomh, a‑chum an rachainn a‑ghnàth; dh’àithn thu mi a bhith air mo shaoradh, oir is tu mo charraig agus mo dhaingneach.

Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.

Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin.

An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh-ghobhar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan