Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Shaor e mi om nàmhaid làidir, uapasan a dh’fhuathaich mi; oir bu treasa iad na mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil:

Chuir e a‑nuas on àird, ghlac e mi; tharraing e mi à mòran uisgeachan.

Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair: ach b’e an Tighearna mo chùl-taice.

Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiaclan nan aingidh.

Their mo chnàmhan uile, A Thighearna, cò as cosmhail riutsa, a theasairgeas am bochd uaithesan as treasa na e, agus am bochd agus an t‑ainnis uaithesan a chreachadh e.

An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.

Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan