Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha.
Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.