Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.
Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.
Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin.
Agus nuair a bha Samuel a’ toirt suas na h‑ìobairt-loisgte, tharraing na Philistich am fagas gu cath an aghaidh Israeil: ach rinn an Tighearna tàirneanach le fuaim mhòir anns an là sin air na Philistich, agus chlaoidh e iad: agus bhuaileadh iad ro Israel.