Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.

Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmraichean anns na h‑uisgeachan, a’ dèanamh nan neul nan carbad dha fhèin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe;

Ma ghabhas mi sgiathan na maidne agus gun còmhnaich mi ann an ionadan iomallach na fairge,

Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.

Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh.

Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair-thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann.

Agus dh’èirich glòir Dia Israeil suas bhàrr a’ cheruib air an robh e gu stairsneach an taighe; agus ghlaodh e ris an duine a bha air èideadh leis an lìon-aodach, aig an robh an acfhainn-sgrìobhaidh clèirich ra thaobh;

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan