Ach ghabh an rìgh dà mhac Rispah nighean Aiah, a rug i do Shaul, Armoni agus Mephiboset; agus còignear mhac Mheroib, nighean Shauil, a rug i do Adriel mac Bharsillai am Meholatach:
Agus bha coileabach aig Saul, dom b’ainm Rispah, nighean Aiah: agus thubhairt Isboset ri Abner, Carson a chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh coileabach m’athar?
A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.