Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

Agus nuair a thàinig e gu Ierusalem an coinneamh an rìgh, an sin thubhairt an rìgh ris, Carson nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset?

Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.

Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.

A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Comhairlicheam dhut àithne an rìgh a choimhead, agus sin airson mionnan Dhè.

An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Gun dèanadh an Tighearna, Dia Israeil, nuair a dh’fhidireas mi m’athair mun àm seo a‑màireach, no air an treas là, agus, feuch, ma bhios math ann a‑thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios ad ionnsaigh-sa, agus nach foillsich mi dhut e;

Ach cuideachd cha gheàrr thu as do choibhneas om thaigh gu bràth: cha gheàrr, eadhon nuair a ghearras an Tighearna as naimhdean Dhaibhidh, gach aon dhiubh bhàrr aghaidh na talmhainn.

Agus thug Ionatan air Daibhidh mionnachadh a‑rìs, a chionn gun do ghràdhaich e e: oir ghràdhaich e e mar a ghràdhaich e a anam fhèin.

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.

Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaigh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas don daingneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan