Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna?

Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a‑nis thèid mise suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, a dh’fheuchainn an dèan mi rèite airson ur peacaidh.

Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn riut, a‑chum gum bi an fhairge ciùin dhuinn? (Oir bha onfhadh na fairge a’ fàs na bu mhò agus na bu mhò.)

Agus is beag nach eil na h‑uile nithean air an glanadh le fuil a rèir an lagha; agus as eugmhais dòrtadh fala chan eil maitheanas ra fhaotainn.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan