Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud airson an Tighearna. Agus thug e air marcachd na charbad.

Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh.

Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach,

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

Tha iadsan eudmhor umaibh, ach chan ann gu math; ach b’àill leo sinne a dhruideadh a‑mach, a‑chum gum biodh sibhse eudmhor umpa fhèin.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan