Agus bha a‑rìs cath ann an Gob ris na Philistich: agus bhuail Elhanan, mac Iare-oregim, Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach; agus bha crann a shleagha mar gharmain figheadair.
Agus bha a‑rìs cogadh ris na Philistich, agus bhuail Elhanan mac Iair Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach, aig an robh crann a shleagha mar gharman figheadair.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.