Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dhèidh seo bha cath a‑rìs ann an Gob ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai, an Husatach, Saph, a bha de shliochd an fhamhair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Isbi-benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh.

Agus bha fhathast cath ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia meòir air gach cois, ceithir-ar‑fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair.

Rugadh a’ cheathrar sin don fhamhair ann an Gat, agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach.

Sibecai an Husatach, Ilai an t‑Ahohach,

B’e an t‑ochdamh ceannard, fa chomhair an ochdamh mìos, Sibecai an Husatach de na Sarhaich: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan