Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn.

Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.

Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile.

Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair: ach b’e an Tighearna mo chùl-taice.

Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna: agus soillsichidh an Tighearna mo dhorchadas.

Agus da mhac-san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin.

Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearna a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas na dhèidh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim:

An sin bheir mi air adhairc Dhaibhidh fàs; dh’òrdaich mi lòchran dom Aon ungte.

Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

An sin labhair Iohanan mac Chareah ri Gedaliah ann am Mispah gu h‑uaigneach, ag ràdh, Leig dhòmhsa dol, guidheam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac Netaniah, agus cha bhi fhios aig duine sam bith air: cuime am marbhadh e thusa, agus gum biodh na h‑uile Iùdhaich a tha air an cruinneachadh ad ionnsaigh air an sgapadh, agus gum bàsaicheadh na tha maireann de Iùdah?

B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan