Agus thubhairt Isbi-benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh.
Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh Ciriataim,
Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.
Agus bha fhathast cath ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia meòir air gach cois, ceithir-ar‑fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair.
Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin.
Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.
Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; ach sgrios an Tighearna iad romhpa, agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite:
Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.
Agus bha crann a shleagha mar gharman figheadair; agus bha ann an ceann a shleagha sia ceud secel iarainn; agus bha fear a’ giùlan sgèithe ag imeachd roimhe.