2 Samuel 21:12Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa: Faic an caibideil |
Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet-sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan.
An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.