Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Rispah nighean Aiah sac-aodach, agus sgaoil i dhi fhèin e air a’ charraig, o thoiseach an fhogharaidh gus an do shil uisge orra o nèamh: agus cha do leig i le eunlaith an adhair fois a ghabhail orra anns an là, no do fhiadh-bheathaichean na machrach anns an oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith d’fheòil dhìot.

Agus dh’innseadh do Dhaibhidh ciod a rinn Rispah, nighean Aiah, coileabach Shauil.

Agus bha coileabach aig Saul, dom b’ainm Rispah, nighean Aiah: agus thubhairt Isboset ri Abner, Carson a chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh coileabach m’athar?

Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac-aodach, agus ghluais e gu fòil.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Tuitidh tu air slèibhtean Israeil, thu fhèin agus do bhuidhnean uile, agus an sluagh a tha maille riut: bheir mi thu don eunlaith fhuileachdach de gach seòrsa, agus do bheathaichean na talmhainn, a‑chum a bhith air do shlugadh suas.

Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh.

Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh.

Bithibh ait, matà, O chlann Shioin, agus dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna ur Dia; oir thug e dhuibh an ciad uisge ann an ceart-thomhas; agus bheir e air frasan teachd a‑nuas dur n‑ionnsaigh, an ciad uisge, agus an t‑uisge deireannach amhail roimhe seo.

Iarraibh-se air an Tighearna uisge ann an àm an uisge dheireannaich; nì an Tighearna dealanach, agus bheir e dhuibh pailteas uisge; do gach aon feur anns an fhaiche.

Gun toir mise dhuibh uisge ur fearainn na àm fhèin, an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach, agus cruinnichidh tu a‑steach d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola.

Agus cuiridh i dhith a h‑aodach braighdeanais, agus fanaidh i ad thaigh, agus nì i caoidh airson a h‑athar agus a màthar mìos iomlan: agus an dèidh sin thèid thu a‑steach da h‑ionnsaigh, agus bidh tu ad fhear-pòsda aice, agus bidh ise na mnaoi agad.

Agus ma rinn duine peacadh a tha toillteanach air bàs, agus gum bi e ra chur gu bàs, agus gun croch thu ri craoibh e:

Chan fhan a chorp rè na h‑oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin fhèin; (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh;) agus cha salaich thu d’fhearann, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.

Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, Thig am ionnsaigh-sa, agus bheir mi d’fheòil do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na machrach.

Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan