Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.

Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.

Agus thàinig gach dùthaich don Eiphit a dh’ionnsaigh Iòseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich a’ ghorta anns gach dùthaich.

Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl am measg na muinntir a thàinig: oir bha a’ ghorta ann an tìr Chanàain.

Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr.

Dhìol an Tighearna ortsa uile fhuil taigh Shauil, an àit an do rìghich thu; agus thug an Tighearna an rìoghachd do làimh do mhic Absalom: agus, feuch, ghlacadh thu ann ad olc fhèin, a chionn gur duine fuileachdach thu.

Agus mar an ceudna bha Ira an t‑Iaireach na àrd fhear-riaghlaidh aig Daibhidh.

Agus fhreagair iad an rìgh, An duine a chuir as dhuinn, agus a smaoinich nar n‑aghaidh sinn a bhith air ar sgrios, air chor is nach fanamaid ann an crìch air bith de Israel;

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh.

Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Agus dh’fhalbh Eliah ga nochdadh fhèin do Ahab: agus bha gorta mhòr ann an Samaria.

Agus bha gorta mhòr ann an Samaria; agus, feuch, theannaich iad e, gus an robh ceann asail air a reic air ceithir-fichead bonn airgid, agus an ceathramh cuid de chab de aolach chalman air còig buinn airgid.

An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath-bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna.

Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh.

Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach.

Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal-san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.

Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh.

A‑nis ri linn nam britheamhan, bha gort anns an tìr: agus chaidh duine àraidh de Bhetlehem Iùdah gu bhith air chuairt ann am fearann Mhòaib, e fhèin agus a bhean, agus a dhithis mhac.

Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis.

An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise thairis da làimh? An tig Saul a‑nuas mar a chuala do sheirbhiseach? A Thighearna Dhè Israeil, guidheam ort, innis dod sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna. Thig e a‑nuas.

Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah.

An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan