Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thigeadh duine sam bith am fagas dha a dhèanamh ùmhlachd dha, chuireadh e a‑mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh e e.

Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib.

Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.

Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc.

Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.

An sin dh’èirich Ismael mac Netaniah, agus na deich fir a bha maille ris, agus bhuail iad Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, leis a’ chlaidheamh, agus mharbh iad e, esan a chuir rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn an fhearainn.

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

Ach nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas dhaibh fear-saoraidh, Ehud mac Ghera, Beniàmineach, duine ciotach: agus leis-san chuir clann Israeil tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan