Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa romhpa. Agus bha Ioab crioslaichte le fallaing a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis na thruaill; agus nuair a chaidh e air aghaidh, thuit e aisde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan.

Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair, Abisai, Abner, a chionn gun do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath.

Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Ach rinn Ehud dha fhèin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh-choille air fad; agus cheangail e e fo a aodach, air a shliasaid dheis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan