2 Samuel 20:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo.