Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte.

Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe.

Agus chaidh gach duine de Israel suas o bhith an dèidh Dhaibhidh, agus lean iad Sèba mac Bhichri: ach dhlùth-lean daoine Iùdah rin rìgh, o Iòrdan eadhon gu Ierusalem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan