Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar an ceudna bha Ira an t‑Iaireach na àrd fhear-riaghlaidh aig Daibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile.

Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.

Agus bha Sebha na sgrìobhaiche: agus b’iad Sadoc agus Abiatar na sagartan:

Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.

Ira an t‑Itreach, Gareb an t‑Itreach,

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Agus Asariah mac Nàtain os cionn an luchd-dreuchd: agus Sabud mac Nàtain, an t‑àrd fhear-dreuchd, na charaid aig an rìgh:

Ira an t‑Itreach, Gareb, an t‑Itreach,

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad.

Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan