Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus chaidh gach duine de Israel suas o bhith an dèidh Dhaibhidh, agus lean iad Sèba mac Bhichri: ach dhlùth-lean daoine Iùdah rin rìgh, o Iòrdan eadhon gu Ierusalem.

Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn.

Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, na cheann air triùir; agus thog e suas a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriùir.

Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.

Agus nuair a thàinig an litir dan ionnsaigh, ghabh iad mic an rìgh, agus mharbh iad deich agus trì-fichead fear, agus chuir iad an cinn ann am basgaidean, agus chuir iad da ionnsaigh iad gu Iesreel.

Agus thubhairt esan, Tha gach nì gu math: chuir mo mhaighistir uaithe mi, ag ràdh, Feuch, a‑nis thàinig am ionnsaigh dà òganach o shliabh Ephraim de mhic nam fàidh: thoir dhaibh, guidheam ort, tàlann airgid, agus dà chulaidh aodaich.

Oir tha guth ag èigheach o Dhan, agus a’ cur àmhghair an cèill o shliabh Ephraim.

Ach bheir mi Israel air ais gu a àite-còmhnaidh fhèin, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsaichear a anam anns na làithean sin.

Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim.

Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.

Agus chuir Gideon teachdairean air feadh sliabh Ephraim uile, ag ràdh, Thigibh a‑nuas an aghaidh nam Midianach, agus glacaibh romhpa na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan. An sin chruinnicheadh fir Ephraim uile ri chèile, agus ghlac iad na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan.

Agus nuair a chunnaic fir Israeil gun d’fhuair Abimelech bàs, dh’imich iad gach fear da àite fhèin.

Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a‑mach a làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna, agus a bhios neo-chiontach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan