Ach cha tug Amasa fa‑near an claidheamh a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fon chòigeamh aisne, agus leig e a‑mach a mhionach a dh’ionnsaigh an làir, agus cha do bhuail e a‑rìs e; agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Shèba mhic Bhichri.
Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna?
Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla.
Agus thubhairt e, Guma fada uamsa, a Thighearna, seo a dhèanamh: an òlainn-sa fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart an anama? Uime sin cha b’àill leis òl dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.