Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh gach duine de Israel suas o bhith an dèidh Dhaibhidh, agus lean iad Sèba mac Bhichri: ach dhlùth-lean daoine Iùdah rin rìgh, o Iòrdan eadhon gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Uime sin thill an rìgh, agus thàinig e gu Iòrdan: agus thàinig Iùdah gu Gilgal, a dhol an coinneamh an rìgh, gus an rìgh a thoirt thar Iòrdan.

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla.

Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas.

Agus nuair a chuala Israel uile gun tàinig Ierobòam a‑rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air don cho-chruinneachadh, agus rinn iad e na rìgh air Israel uile: cha do lean aon taigh Daibhidh ach treubh Iùdah a‑mhàin.

Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan