Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Abrahàm am fagas, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh?

Oir èisdidh an rìgh, a shaoradh a bhanoglaich à làimh an duine, leis am b’àill mi fhèin agus mo mhac a sgrios le chèile a‑mach à oighreachd Dhè.

A‑nise uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh ag ràdh, Na fan a‑nochd ann an còmhnardan an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gun sluigear suas an rìgh, agus an sluagh uile a tha maille ris.

An sin labhair i, ag ràdh, Gu cinnteach labhair iad an toiseach, ag ràdh, Gu deimhinn iarraidh iad sìth air Abel: agus mar sin crìochnaichidh iad an gnothach.

Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn.

Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna?

Oir dhealaich thu iad a‑chum oighreachd dhut fhèin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois, d’òglach fhèin, nuair a thug thu ar n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, a Thighearna Dhè.

A‑chum gum faic sinn math do dhaoine taghte, a‑chum gun dèan sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich, a‑chum gun dèan sinn uaill led oighreachd-sa.

An sin shluigeadh iad beò sinn, nuair a las am fearg nar n‑aghaidh;

Is beannaichte an cinneach sin aig a bheil an Tighearna na Dhia dhaibh, an sluagh a roghnaich e mar oighreachd dha fhèin.

O bhith an dèidh nan caorach a bha trom le àl, thug e e a bheathachadh Iàcoib a shluagh, agus Israel a oighreachd.

Dh’ith Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin suas sinn, chaith e sinn, rinn e sinn nar soitheach falamh; shluig e suas sinn mar dhràgon; lìon e a bhrù le ar nithean blasda, thilg e a‑mach sinn.

Agus bheir mise breitheanas air Bel ann am Bàbilon, agus bheir mi a‑mach as a bheul an nì sin a shluig e; agus cha chruinnich na cinnich an ceann a chèile thuige nas mò; thuit fòs balla Bhàbiloin.

Dh’fhosgail do naimhdean uile am beul ad aghaidh: rinn iad sgeig is gìosgan fhiacal; thubhairt iad, Shluig sinn suas i; gu cinnteach is e seo an là ri an robh ar sùil: fhuair sinn e, chunnaic sinn e.

Shluig an Tighearna suas uile àiteachan-còmhnaidh Iàcoib, agus cha do ghabh e truas: thilg e sìos na chorraich daingnichean làidir nighean Iùdah: thug e a‑nuas gu làr iad; thruaill e an rìoghachd agus a daoine urramach.

Bha an Tighearna mar nàmhaid: shluig e suas Israel, shluig e suas a àrois uile; sgrios e a dhaingnichean làidir, agus mheudaich e ann an nighean Iùdah bròn agus caoidh.

Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an taighean, agus na daoine uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile.

Agus a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e suas iad maille ri Corah, nuair a bhàsaich a’ chuideachd sin, nuair a loisg an teine suas dà cheud agus lethcheud fear: agus rinneadh iad nan comharradh.

Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh.

Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha.

Nuair a thig thu am fagas do bhaile gu cogadh na aghaidh, an sin gairmidh tu sìth dha.

Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd-san.

Airson rìghrean, agus airson nan uile a tha ann an ùghdarras: a‑chum gun caith sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail, anns an uile dhiadhachd agus chiatachd.

Sguir luchd-àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’èirich mise Deborah, gus an d’èirich mise am mhàthair ann an Israel.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan