Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig e am fagas di, thubhairt a’ bhean, An tu Ioab? Agus fhreagair esan, Is mi. An sin thubhairt i ris, Eisd ri briathran do bhanoglaich. Agus fhreagair esan, Tha mi ag èisdeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhacal rim thighearna, an rìgh. Agus thubhairt esan, Abair romhad.

An sin ghlaodh bean ghlic a‑mach as a’ bhaile, Eisdibh, èisdibh, abraibh, guidheam oirbh, ri Ioab, Thig am fagas an seo, agus labhraidh mi riut.

An sin labhair i, ag ràdh, Gu cinnteach labhair iad an toiseach, ag ràdh, Gu deimhinn iarraidh iad sìth air Abel: agus mar sin crìochnaichidh iad an gnothach.

Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan