Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad, agus theannaich iad e, ann an Abel-bhetmaacah, agus chuir iad suas tòrr an aghaidh a’ bhaile, agus sheas e làimh ris a’ bhalla: agus rinn an sluagh uile a bha maille ri Ioab an dìcheall air a’ bhalla a leagadh sìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e air feadh uile threubhan Israeil gu Abel-bhetmaacah, agus na Berich uile: agus chruinnicheadh iad an ceann a chèile, agus chaidh iad mar an ceudna na dhèidh.

Agus dh’èisd Ben-hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel-bet-maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile.

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e don bhaile seo, agus cha tilg e saighead ann, agus cha tig e fa chomhair le sgèith agus cha chuir e suas tòrr na aghaidh.

Bha cathair bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh.

Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.

Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, a‑thaobh taighean na cathrach seo, agus a‑thaobh taighean rìghrean Iùdah, a tha air an tilgeadh sìos leis na h‑innealan-brisidh, agus leis a’ chlaidheamh;

Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith.

Agus cuartaich e le feachd, agus tog na aghaidh daingneach, agus tilg suas tòrr na aghaidh; suidhich fòs camp na aghaidh, agus cuir reitheachan-cogaidh na aghaidh air gach taobh mun cuairt.

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan