Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a dh’atharraicheadh e on rathad mhòr, chaidh an sluagh uile air an aghaidh an dèidh Ioaib, a dhol air tòir Shèba mhic Bhichri.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus sheas fear de òganaich Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhainn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab.

Agus chaidh e air feadh uile threubhan Israeil gu Abel-bhetmaacah, agus na Berich uile: agus chruinnicheadh iad an ceann a chèile, agus chaidh iad mar an ceudna na dhèidh.

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.

Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam.

Agus chuir rìgh Asiria Rab-saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth-chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair.

Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth-chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair.

Cuir suas dhut fhèin comharraidhean slighe; dèan dhut fhèin croinn àrda: cuir do chridhe ris an t‑slighe, an t‑slighe air an d’imich thu: till a‑rìs, O òigh Israeil, till a‑rìs a dh’ionnsaigh do chathraichean seo.

Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois.

Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce.

An sin thubhairt iad, Feuch, tha fèill an Tighearna ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath de Bhetel, air an taobh an ear den rathad mhòr a tha a’ dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas de Lebonah.

Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet-semeis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan