Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 20:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas fear de òganaich Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhainn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus bha Amasa ga aonairt fhèin ann am fuil am meadhon an rathaid mhòir. Agus nuair a chunnaic an duine gun d’fhan an sluagh uile nan seasamh, dh’atharraich e Amasa on rathad mhòr don achadh, agus thilg e aodach air, nuair a chunnaic e gun d’fhan gach neach a thàinig làimh ris nan seasamh.

Nuair a dh’atharraicheadh e on rathad mhòr, chaidh an sluagh uile air an aghaidh an dèidh Ioaib, a dhol air tòir Shèba mhic Bhichri.

Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla.

An sin thubhairt an rìgh ri Amasa, Cruinnich dhòmhsa fir Iùdah an ceann trì làithean, agus seas fhèin an seo.

Agus thog esan a aghaidh suas a dh’ionnsaigh na h‑uinneig, agus thubhairt e, Cò a tha leamsa, cò? Agus dh’amhairc dithis no triùir de chaillteanaich a‑mach air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan